Eadar 1mh An t-Sultain agus 30mh An t-Samhain, bidh Fèis Sgeulachdan Eadar-Nàiseanta na h-Alba a’ toirt cuireadh oirbh uile, mar saoranaich cruthachail, na sgeulachdan bho na seann làithean a lorg agus na sgeulachdan bho na làithean ri teachd a bhruadar. Dè na sgeulachdan a bhiodh tu airson a thoirt leat, agus dè na sgeulachdan a bhiodh tu airson fhàgail às do dhèidh? Dè na sgeulachdan a dh’ innseadh tu don t-saoghal an-diugh, bho d’ aislingean mun àm ri teachd?